Sustainable Development

An t-Sultain - stòras carbon

Mur nach robh na puill-mhòine, coilltean is na cuantan a’ stòradh carbon fad na ùine, bhiodh an ìre de charbon dioxide san àidhear nas àirde an-diugh.

A-mach as na gasan air fad ‘s e carbon dioxide am fear as cudromaiche. Tha an ìre de charbon dioxide san àidhear air èirigh gu mòr anns na bliadhnachan a chaidh seachad air sailleadh a’ losgadh connadh fosail, ag atharrachadh cleachdaidhean talamh mar ag gearradh sìos craobhan agus a’ cleachdadh talamh le feur airson bàrr fhàs.

Tha an stòrais as motha de carbon ann an Alba ri fhaighinn ann am mòine (a bharrachd air gual is ola) agus tha na puill-mhòine a’ dèanamh suas cha mhòr 1.8 millean heactairean de thalamh. Cha mhòr nach eil 2 billean tunnaichean de charbon glacte anns a’ phuill-mhòine. ‘S urrainn do boglaichean fallain 0.25 tunnaichean de charbon a’ chruinneachadh gach heactair gach bliadhna.

Tha coilltean cudromach cuideachd airson a’ stòradh carbon. Ged nach eil iad a’ stòradh na uiread de charbon ‘s na tha na boglaichean, bi iad ga stòradh nas luaithe. ‘S urrainn do aon choille 3 thunnaichean gach heactair gach bliadhna a’ stòradh, 12 tursan nas luaithe na boglach fallain.

A bharrachd air a seo, ‘s urrainn do luibhean-laisgein suim mhòr de charbon dioxide a’ chruinneachadh cuideachd tro na foto-cho-chur aca agus tro a’ cruthachadh na sligean aca. Bi iad a’ dol fodha nuair a bhàsaicheas iad gu grunnd na mara far is urrainn an carbon dioxide fuireach glacte ann airson ceudan de bhliadhnachan.

  • dealbh dheth poll-mòine – Mòinteach Claish, Àird nam Murchan

Brùth air an dealbh airson a dhèanamh nas motha.