Sustainable Development

An t-Samhain - lìonran uaine

‘S urrainn do lìonran uaine a bhith math airson fiadh-bheatha, a’ coiseachd agus a’ dol air baidhsagal a bharrachd air a bhith mar phàirt den rianachd airson tuiltean agus ar cuideachadh le gasan a tha sinn a’ leigeil fa sgaoil a’ lughdachadh.

Le atharrachadh sìde, feumaidh gnèithean a’ sgapadh gu sgìrean eile. Tha gnèithean a’ crochadh air àrainnean a tha freagarrach dhaibh anns an fharsaingeachd agus chan ann anns na àiteachan a tha ainmichte. Tha a’ mhòr chuid de àrainnean a’ Mhachair Ghallda na h-Alba agus pàirtean eile air am bristeadh suas air sailleadh athraichean ann a’ cleachdaidhean talamh leithid àiteachas, leasachaidhean togte, lìonran siubhal agus coilltearachd.

Tha rudan nàdarra a’ cuir bacadh air gnèithean a’ sgapadh cuideachd, leithid aibhnichean, na beanntan agus na cuantan.

Feumaidh sinn barrachd bristeadh den t-seòrsa seo a sheachnadh agus na lìonran eigeòlas seo a’ leasachadh airson na gnèithean a’ chuideachadh gus atharrachadh le atharrachadh sìde agus crìonadh na gnèithean a’ lughdachadh.

Feumaidh roinnean àiteachas is coilltearachd prògraman mar am Prògram Leasachaidh Dùthchail na h-Alba a chuir an gnìomh. Tha SNH a’ leasachadh còmhla ri FCS inneal-coimpiutaireachd leis an ainm BEETLE (Biological and EnvironmEntal Tools for Landscape Evaluation) a tha a’ toirt seachad fiosrachadh mionaideach air gnèithean, an seòrsa àrainneachd as fheàrr leotha agus a’ cleachdadh an fhiosrachadh seo airson àrainnean freagarrach a’ chruthachadh dhaibh.

  • abhainn For faisg air Sruighlea

Brùth air an dealbh airson a dhèanamh nas motha.