Tha ìrean meadhanach a’ mhuir mun cuairt Alba an dùil àrdachadh nas luaithe anns na deicheadan ri thighinn na tha iad anns na mìltean de bhliadhnachan a chaidh seachad.
Dh’fhaodadh ìrean nas àirde a’ bagair air an sgaoileadh de bhoglach salann a bharrachd air àrainnean eile. ‘S urrainn do boglaichean salann atharrachadh nuair a tha ìrean a’ mhuir ag àrdachadh le a bhith a’ dol nas fhaide a-staigh air tìr mòr. Fhad’s a tha atharrachadh sìde a’ gluasad nas luaithe, bi sinn a’ faicinn barrachd de na boglaichean salann seo a’ tighinn a-staigh air àiteachan a tha ìosal air na costaichean againn.
Ann an Alba, tha a mhòr chuid den caolais a-staigh, far a bheil na boglaichean salann, air an cleachdadh gu eachdraidheil airson àiteachas, gnìomhachas agus bunstructair. Ged a tha na sgìrean seo air buannachdan fhaighinn bho ìrean na mara ag ìsleachadh, anns na deicheadan a chaidh, tha a mhòr chuid de na caolais a-staigh air blas fhaighinn mu thràth air ìrean na mara ag èirigh. Tha na h-àrainnean seo ann an cunnart mu chumas na ìrean mara seo ag èirigh a tha ag adhbharachadh àrainnean a tha glacte eadar na ìrean mara ag èirigh agus na costaichean air an leasachadh.
Tha obair ga dhèanamh an-dràsta air a bhuaidh a th’aig atharrachadh sìde air na costaichean againn gus cothroman agus trioblaidean a’ mheasadh airson an àm ri teachd. Tha riaghladh seasmhach nas cudromaiche buileach a-nis airson na costaichean, àrainnean, daoine agus fiadh–bheatha a tha a’ crochadh orra a’ chionns gu bheil iad a’ faireachdainn a’ bhuaidh bho atharrachadh sìde.