Dh’ fhaodadh a’ cleachdadh bith-connadh leithid bith-diosail agus bioethanol – air a dhèanamh le raib, cruithneachd neo coirce, ar cuideachadh gus ìsleachadh an cuid caitheamh de chonnadh fosail.
Tha Alba a’ toradh strìochan is motha de raib anns an Roinn Eòrpa (137,000 tunnaichean ann a 2007) agus a’ toradh as an seo na strìochan as motha de ola. Air sailleadh an t-sìde, chan eil e comasach cruithneachd fhàs ann an Alba agus mar sin tha coirce ga chleachdadh airson bioethanol a chruthachadh ach dh’ fhaodadh farpais a bhith ann airson na coirce eadar seo agus gnìomhachas an t-uisge-beatha anns an àm ri teachd.
Mu thèid an talamh far a bheil am bàrr a’ fàs a’ leudachadh, dh’fhaodadh seo cron a dhèanamh air an talamh a chaidh a chuir gu aon taobh airson bith-iomadach. Tha bàrr leithid raib a’ cleachdadh ìrean àrd de todhar naitridean agus ceimigean airson biastagan agus lusan am marbhadh. Dh’fhaodadh seo a dhol anns an dìgean agus na uisgeachan mun cuairt orra agus bith-iomadach na biastagan agus lusan fhiadhaich a’ lughdachadh.
Ann am pàirtean den t-Saoghal, tha coilltean gan gearradh sìos airson planntrais palm a chuir airson bith-chonnadh a’ chruthachadh. Chan e a-mhàin gu bheil sinn a’ call na siostaman-eaco nàdarrach a’ ciallachadh lughdachadh ann am bith-iomadach ach cuideachd ag àrdachadh cnàmhachadh de talamh agus beathachadh ag aoidion, a bharrachad air a’ crìonadh an comas a th’aig na àiteachan seo carbon dioxide a’ ghlacadh is a’ ghleidheadh.
Tha bith-connadh cudromach ann a bhith a’ cuideachadh le atharrachadh sìde a’ lughdachadh ach feumaidh seo a bhith air a dhèanamh ann an dòigh a tha seasmhach.