Tha mòran de gnèithean air atharrachadh mar thràth air sailleadh atharrachadh sìde le a bhith a’ sgaoileadh nas fharsaing na bha iad air feadh Alba a’ chionns gu bheil cuisean nas fheàrr dhaibh.
Tha e fhaicinn mu thràth gu bheil cuid de gnèithean a’ gluasad nas fhaide tuath na b’ àbhaist mar mamailean, iasg, planntrais, damhan-allaidh, dealan-dè, seilcheag eadar-thràghadh agus bàirneach. Tha an dealan-dè na dheagh eisimpleir air gnè a tha air atharrachadh leis an t-sìde agus a tha air a chleachdadh mar taisbeanairean airson atharrachadh sìde. Tha iad furasta an aithneachadh, tha iad bòidheach agus tha iad a’ faighinn tòrr taic is cuideachadh bhon a phoblach.
Ann a sgrùdadh a chaidh a dhèanamh ann 2007 air seallaidhean poblach den dealan-dè flùr-na-chuthaig, chaidh e air fhaicinn ann an àiteachan ùra mar, Siorrachd Rois an Iar agus Cataibh, a’ sgapadh nas fhaide Tuath agus nas fhaide dhan Iar on 1997.
Tha sgapadh leithid seo de gnèithean dùthchasach a’ sealltainn mar a tha cuisean air atharrachadh agus tha a mhòr chuid a’ cuir fàilte air oir chan eil iad a’ bualadh air gnèithean dùthchasach eile.
Ach tha luchd-imrich eile air tighinn nach eil dùthchasach, gnèithean mì-nàdarra ionnsaigheach. Tha an liosta de na gnèithean a tha air tighinn a-staigh a dh’Alba a’ fàs nas fhaide. Feadhainn aca air an toirt a-staigh a dh’aona ghnothaich, feadhainn eile air tighinn gun fhiosta air soithichean is bàtaichean. Le cuisean ag atharrachadh, tha barrachd is barrachd de na gnèithean seo a’ sgapadh fad is farsaing agus chan urrainn na gnèithean dùthchasach farpais leotha.
Feumadh barrachd tuigsinn a bhith againn air mar is urrainn dhuinn smachd a chumail air na gnèithean seo agus a’ lughdachadh a bhuaidh a th’aig seo air na gnèithean dùthchasach.