Fhad’s a tha a’ mhuir a’ searbhachadh, tha seo a’ lughdachadh an comas a th’aig a’ mhuir gus carbon dioxide bhon àidhear a’ sùghadh suas agus tha seo ag adhbharachadh gasan a tha a’ cruinneachadh san àidhear agus ag àrdachadh atharrachadh sìde.
Cha mhòr nach eil an darna leth den charbon dioxide air a dhèanamh le a bhith a’ losgadh connadh fosail thairis air an 250 bliadhna ‘sa chaidh. Tha seo a-nis anns na uisgeachan agus na cuantan againn. Ged a tha seo air cuideachadh gus na h-ìrean de carbon dioxide a’ lughdachadh anns an àidhear, tha na h-ìrean de atharrachadh sìde is teas fhathast ag èirigh. Tha an carbon dioxide a tha air a’ shùghadh suas leis a’ mhuir ag adhbharachadh ath-bhualadh, a’ cruthachadh carbonic acid – tha a’ mhuir a’ fàs nas searbh, tha am pH aca air lughdachadh.
Tha an astair a tha seo a’ tachairt agus an ìre de atharrachadh ann am pH air fàs-bheairtean mara agus eaco-siostaman na uallach dhuinn. Tha pH air a bhith seasmhach cha mhòr airson 40,000 bliadhna agus airson 20 millean bliadhna. Tha ag àrdachadh ann a’ searbhachadh a’ toirt buaidh air an t-uamhas de dhiofar fàs-bheairtean bho planntrais miocroscopach (luibhean-laisgein, phytoplankton) agus beathaichean (zooplankton)a th’aig bonn an àradh bidhe a’ mhuir. Airson beathaichean eile mar corailean, maorach agus corran-mara, bi àrdachadh ann a’ searbhachadh a’ ciallachadh nach bi comas aca na sligean cailc aca a’ chruthachadh. Dh’fhaodadh seo buaidh a thoirt air siostaman-eaco mara mòra an t-saoghal.