Tha an ùine a tha sneachd a’ laigheadh ann an Alba air lughdachadh an treas uiread thairis air an 40 bliadhna a chaidh seachad air sailleadh gu bheil e nas blàithe as t-Fhoghar agus anns an Earrach ag adhbharachadh gainnead de sneachda a tha cuideachd a’ leaghadh nas luaithe.
‘S urrainn sneachd a’ laigheadh gu toiseach an t-Samhraidh ann a cuid de choireachan as aìrde ann an Alba agus dh’fhaodadh feadhainn eile aca a’ fuireach ann fad na bliadhna. Tha an sneachda fhadalach seo math airson gnèithean a bhiodh air an dachaigh a dhèanamh anns an Artaig mur a b’e seo. An àite lusan tha fàsmhorachd fliuch a’ fàs air a dhèanamh suas le planntrais beaga, a chuid as motha dhuibh còinneach is cuisle-aibheach. Tha cuid dhuibh seo tearc gu nàiseanta, agus tha mu 50 gnè ri fhaighinn ann am Breatainn fhèin neo a tha pailteas dhuibh ri fhaighinn anns an leabaidhean sneachda anns a’ Ghàidhealtachd.
Tha e duilich a ràdh de a bhuaidh a th’aig atharrachadh sìde air an t-sneachda fhadalach seo, ach tha tomhais ann gum bi 20% lughdachadh air sneachda a tha a’ laigheadh air na beanntan againn ann 2050. Mar a tha an ràithe an fhàs air àrdachadh, tha lusan a-nis a’ fàs anns na àiteachan seo. Chan eil sinn air an còinneach agus cuisle-aibheach air chall fhathast ach mu chumas an t-sìde a’ fàs nas blàithe, thèid an cuid sneachda a tha air na beanntan againn a’ lughdachadh, dh’ fhaodadh gur e seo a’ chiad phìos den bith-iomadach againn a chailleas sinn.