Anns na beagan bhliadhnachan a chaidh seachad tha sinn air gèileachan nas làidir agus stuaghan nas aìrde fhaicinn ann a taobh an Iar agus taobh tuath na h-Alba.
Tha na stuaghan gu h-àraidh anns an Atlantaig a Tuath air àrdachadh 2% gach bliadhna thairis an 50 bliadhna mu dheireadh. Anns an ùine sin tha a’ ghaoith air a bhith nas làidir gu math nas trice na b àbhaist ann am Breatainn, a’ toirt dhuinn barrachd stoirmean dona. Chan eil fios ann le cinnt a bheil seo air sailleadh atharrachadh sìde neo a bheil e a’ tachairt gu nàdarra.
Ach tha co-aonta ann gu bheil barrachd stoirmean a’ ciallachadh barrachd cron agus milleadh air toglaichean is bun-structairean leithid cabhsairean , tuathanas-èisg is m.s.a.a. Tha e cuideachd ag adhbharachadh cnàmachadh air na costaichean agus gu h-àraidh na àiteachean ìosal far a bheil dùn-gainmhich is machair ri fhaighinn anns na Eileanan an Iar is mu Thuath. Dh’fhaodadh na h-eòin a tha a’ neadachadh air creagan àrda a bhith ann an cunnart bho na stoirmean a’ milleadh na neadan aca.