Tha a’ leasachadh bun-lùth nach teirg, leis a chuid as lugha de charbon a’ leigeil fa sgaoil agus nach eil a’ toirt buadh air an àrainneachd, gu math duilich.
Chan eil lùths ath-nuadhachail ùr idir, tha cumhachd uisge air a bhith ga chleachdadh airson mìltean de bhliadhnachan leis a’ chiad gineadair dealan-uisge air a’ choimiseanachadh ann an Alba ann an 1885. Tha mu 140 sgeama uisge ann an Alba le buaidh bheag is mòr air an àrainneachd.
O chionn ghoirid tha an iarratas airson lùths ath-nuadhachail a’ chleachdadh air leasaichean mòra de tuathanasan-gaoithe a thogail. Tha na tuathanasan seo, gu math tric, ann an àiteachan nach eil air an leasachadh neo air a’ mhilleadh agus ann a cuid de àiteachan tha bacadh ionadail air a bhith ann. Tha iad a’ toirt buaidh air seallaidhean-tìre ach mu thèid iad air am planadh gu cùramach agus cùram a thoirt air mheudachd, àireamh agus làraich na tuathanasan ‘s urrainn a bhuaidh a th’aca air an àrainneachd a bhith air a’ lughdachadh.
Tha SNH air lùths ath-nuadhachail a chleachdadh anns na togalaichean againn. Tha an oifis ann an Inbhir Nis air a dhealbhachadh gun tuilleadh sa chòrr gasan a’ leigeil fa sgaoil. ‘S docha gu bheil a’ mhuir na deagh ghoireas airson cumhachd uisge ach tha tòrr ri ionnsachadh fhathast mun a’ bhuaidh a th’aig seo air fiadh-bheatha mara. Tha comas ann gun urrainn tuathanasan-gaoithe a bhith anns a’ mhuir ann a cuid de àiteachan ann an Alba.