Sustainable Development

An Cèitean - ùine

Tha an Earrach a’ tighinn cola-deug nas tràithe na b’ àbhaist e 30-50 bliadhna air ais agus tha am Foghar seachdain air dheireadh. Fhad’s a tha an t-sìde ag atharrachadh, tha diofar gnèithean ag atharrachadh ann an diofar dòighean agus aig diofar ìrean agus aig diofar astair.

Tha bolgan an Earrach mar na boinneagan-sneachda (snowdrop) agus na fuath-mhuic (bluebells) air a bhith a’ buannachadh le an cuid stòrais a tha a’ toirt toiseach tòiseachaidh math dhaibh aig deireadh a’ Gheamhradh. Tha seo a’ ciallachadh gun robh iad gu math soirbheachail ann a bhith a’ fàs na gairleach-callaid agus an costag fhiadhain dh’fheumas sìde nas blàithe mus fhàs iad.

Ach tha an t-sìde air a bhith a’ fàs nas blàithe agus nas tràithe gach bliadhna agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil na lusan mar an gairleach-callaid a’ fàs nas tràithe agus tha seo a’ fàgail cuisean nas duilich airson na boinneagan-sneachda agus na fuath-mhuic a tha a’ call an cuid farpais.

Tha biastagan eile cuideachd ag atharrachadh air sailleadh atharrachadh sìde. Tha bratagan a nochdadh nas tràithe san Earrach a chionns gu bheil e nas blàithe. Chan eil na cailleachagan chinn-ghorm, a bhitheas am biathadh na iseanan aca leis na bratagan seo, a’ laigheadh na uighean aca nas tràithe agus tha seo ag adhbharachadh gainnead de bhiadh airson na iseanan aca.

Tha athraichean eile mar seo a’ tachairt anns a’ mhuir cuideachd. Tha feadhainn de gnèithean (m.e. echinoderms) air an t-àm aca airson briodadh a’ ghluasad eadar ceithir is còig seachdainean air thoiseach a’ ciallachadh nach eil am biadh air a bheil cuid de èisg bheaga feumach air mun cuairt idir nuair tha iad air am breith. Dh’fhaodadh seo a’ toirt buaidh air creachadairean nas motha mar na h-eòin mara. Bi e duilich dhuibh na òganaich acasan am biathadh mur nach eil biadh ri fhaighinn.

  • dealbh dheth cailleachag cheann-ghorm

Brùth air an dealbh airson a dhèanamh nas motha.