Shared News

Tuilleadh taic bhon Riaghaltas airson foghlam Gàidhlig

04 September 2009

Bidh barrachd cothroman ann do phàrantan an cuid chloinne a chur gu sgoiltean Gàidhlig, le goireasan nas fheàrr, tro thaic airgid a tha an Riaghaltas a’ cur gu sgoiltean Gàidhlig bho Stòras Calpa nan Sgoiltean Gàidhlig.

Chaidh  fhoillseachadh nas tràithe an diugh le Ministear na Gàidhlig Mìcheil Russell gu bheil Comhairle Baile Ghlaschu air £500,000 fhaighinn ach an leasaichear Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, far a bheil àireamh chloinne air a bhith a’ sìor dhol an àird anns na bliadhnaichean as tràithe.  Thèid an t-airgead a chosg air clasaichean ùrachadh. 

Tha am Ministear cuideachd air ainmeachadh gum bi Comhairle Earra-Ghàidheil is Bhòid a’ faighinn taic airgid £150,000 airson foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart anns an sgìre aca fhèin. Thèid an t-airgead seo a chosg air togalach aig bun sgoil Bhogha Mòr ann an Ìle far a bheil barrachd iarrtais air nochdadh measg chloinne anns na bliadhnaichean as tràithe.

Bho làrach Bòrd na Gàidhlig.

Further Scottish Government Commitment to Gaelic Education

Minister for Gaelic Michael Russell earlier today announced that Glasgow City Council will benefit from an allocation of £500k to increase provision in its area. The funding will be used to renovate classrooms in Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, the Glasgow Gaelic School, which has seen increased demand for places in Primary 1 and early years.

Mr Russell also announced that Argyll and Bute Council will benefit from an allocation of £150k to increase Gaelic provision in its area. The funding will go towards a new modular building which will be installed at Bowmore primary as a result of increased demand for early years places.