Gheibh pàrantan ann an Inbhir Nis, aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, cothrom pàirt a ghabhail ann an sreath de bhùithtean-obrach gus na sgilean aca a thoirt air adhart. Bidh iad ag ionnsachadh mu bhith a' leughadh sgeulachdan sa Ghàidhlig, geamannan sa Ghàidhlig, briathrachas-taighe, goireasan Gàidhlig air loidhne agus gu h-àraid a bhith a' cuideachadh an cuid chloinne le obair-dachaigh.
'S e Comann nam Pàrant, Inbhir Nis le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, a tha a' cur nam bùithtean-obrach air dòigh gus pàrantan a bhrosnachadh ann a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig aig an taigh. Tha iomairtean aig a' Chomhairle mar thà gus feuchainn ri taic a chumail ri pàrantan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, agus bidh Comann nam Pàrant Inbhir Nis ag obair còmhla riutha gu dlùth anns na h-iomairtean sin.
Tòisichidh na bùithtean-obrach san Dàmhair.
Bho làrach BBC Alba.
Parents in with children going through Gaelic Medium Education in Inverness will have the opportunity to take part in a series of workshops to help improve their language skills.
They will learn about reading stories in Gaelic, playing games in Gaelic, gaelic resources online and especially how to help their children with homework. The workshops which will aim to encourage parents to use Gaelic in the home, are to be run by the Inverness branch of Comunn na Pàrant, with funding from Bòrd na Gàidhlig.
The workshops will start in October.