Shared News

Deasbad BT Alba 2009 air Fàire

29 October 2009

Tha an obair ullachaidh mu dheireadh mu choinneamh Deasbad BT Alba 2009 a-nis a’ gabhail àite fad is farsaing air feadh na dùthcha.  Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh an ath sheachdain, sin Dimàirt agus Diciadain an treas agus an ceathramh là den t-Samhain 2009. 

Bidh còig sgoiltean deug bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt as a’ cho-fharpais chliùiteach le ceithir dhiubh sin a’ dol air adhart chun an iar-chuairt a thèid a chumail ann an Ionad Sgeulachdan Dhùn Èideann air Dimàirt 24 Samhain  agus gabhaidh a’ chuairt dheireannach àite aig Pàrlamaid na h-Alba air Diciadain 25 Samhain.  Cluinnear cuideachd a’ chuairt dheireannach beò air BBC Radio nan Gàidheal.  

Tha atharraichean beag a’ gabhail àite ann an structar farpais na bliadhna seo;  a thuilleadh air na ochd sgiobaidhean a bhuannaich, thèid an dà sgioba a chaill agus aig a bheil na comharran as àirde bhon a’ chiad chuairt troimhe chun an dàrna cuairt. 

Anns an dàrna cuairt, bidh na sgiobaidhean a’ deasbad air an aon chuspair agus thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun an iar-chuairt dheireannach a thèid a chumail ann an Dùn Èideann.  Chaidh an taghadh airson a’ Chiad Chuairt mar a leanas:

  • Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil V Sgoil Lìonacleit
  • Àrdsgoil Lochabair V Àrdsgoil Ghleann Challdair A
  • Sgoil Sir E Scott V Àrdsgoil Ghleann Challdair B
  • Àrdsgoil Gheàrrloch V Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich
  • Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn V Sgoil MhicNeacail
  • Acadamaidh Hazlehead V Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig
  • Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu V Àrdsgoil Sheumais Gillespie
  • Acadamaidh Bhaile Theàrlaich V Àrdsgoil Phortrigh

Tòisichidh Deasbad BT Alba 2009 air Dimàirt 3 Samhain aig 1.30f anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh le deasbadan eile a’ gabhail àite nas fhaide air adhart air an fheasgar aig 6.30f.  Tòisichidh an dàrna cuairt air Diciadain an ceathramh là, a-rithist aig 1.30f.  Tha fàilte chridheil air neach sam bith a thighinn a dh’èisteachd ri na deasbadan

Bho làrach Deasbad BT Alba.

 

Final Preparations Underway for BT Alba Debate 2009

Final preparations are taking place ahead of the 2009 BT Scotland National Schools Gaelic Debate.  The first two rounds will be held in An Lanntair in Stornoway next week, Tuesday and Wednesday the 3rd and 4th of November 2009.   

Pupils from fifteen schools across Scotland will compete in the prestigious competition, with four schools going through to the semi-finals which will be held in the Scottish Storytelling Centre Edinburgh on Tuesday 24th November.  The Final will be held in the Scottish Parliament on Wednesday the 25th of November 2009 and will be broadcast live on BBC Radio nan Gaidheal.

More on Deasbad BT Alba.