Shared News

Plana Gàidhlig Sgrùdairean Foghlaim na Banrigh (HMIE)

15 October 2009

Tha Sgrùdairean Foghlaim na Banrigh (HMIE) air an dreach Plana Gàidhlig aca fhoillseachadh airson co-chomhairleachadh. Tha HMIE a’ tuigsinn an cuideachadh deatamach agus gun choimeas a tha Gàidhlig air a thoirt don bheatha chultarach shaidhbhir agus eadar-mheasgte ann an Alba.

Tha am Plana a’ moladh cheumannan air meudachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an ceithir prìomh raointean: 
  • Dearbh-aithne
  • Conaltraidhean
  • Foillseachaidhean
  • Luchd-obrach 

Tha na ceumannan a tha air am moladh a’ gabhail a-steach gluasad gu dearbh-aithne chorporra dà-chànanach; a’ dèanamh trèanadh sa chànan Ghàidhlig fosgailte do luchd-obrach; fàilteachadh air cleachdadh na Gàidhlig anns na conaltraidhean uile; meudachadh air an àireamh de phrìomh sgrìobhainnean a bhios rim faotainn ann an Gàidhlig; agus a’ cur taic ri luchd-teagaisg/òraidichean Gàidhlig tro cho-labhairtean cunbhalach agus foillseachaidhean a bhios a’ brosnachadh fèin-luachadh.

Faodar beachdan agus freagairtean do Dhreach Plana Gàidhlig HMIE a dhèanamh gu HMIE, Taigh Longman, Rathad Longman, Inbhir Nis IV1 1SF.  Tha an co-chomhairle a’ ruith gu 27 Samhain 2009.

Bho làrach HMIE.

 

HMIE Gaelic Language Plan

HM Inspectorate of Education (HMIE) has published its draft Gaelic Language Plan for consultation.  HMIE recognises the unique and essential contribution of Gaelic to the rich and diverse cultural life of Scotland. 

Measures proposed include a move to a bilingual corporate identity; making Gaelic language training available for staff; welcoming the use of Gaelic in all forms of communication; increasing the number of core documents available in Gaelic; and supporting Gaelic teachers/lecturers through regular conferences and publications that encourage self evaluation.

Responses to the consultation on the HMIE's Draft Gaelic Language Plan can be made to HMIE, Longman House, Longman Road, Inverness, IV1 1SF.  The consultation runs until 27 November 2009.