Shared News

Bileag Ùr Foghlaim ga Fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig

13 October 2009

Chaidh bileag ùr dà-chànanach a’ mìneachadh buannachdan foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus cho soirbheachail sa tha e, fhoillseachadh an diugh (Dimàirt) aig a Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns an Òban.

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh poblach an Alba a tha a’ comhairleachadh an Riaghaltais air gnothaichean Gàidhlig agus gu sònraichte foghlam, air a’ bhileag fhoillseachadh a thoirt barrachd fiosrachaidh do phàrantan mu na cothroman a tha an lùib na Gàidhlig aig gach diofar ìre de dh’fhoghlam ann an Alba. Bidh a’ bhileag cuideachd na chobhair do luchd-ionnsachaidh feuch dè mar ba thèid aca fhèin air deagh shlighe fhuasgladh airson tighinn gu fileantachd air an dòigh as fhasa agus as èifeachdaiche.

Tha fiosrachadh anns a’ bhileig ann an Gàidhlig agus am Beurla air eachdraidh agus cothroman foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, trusadh luchd-teagaisg, cothroman ionnsachaidh do dh’inbhich agus Gàidhlig aig ìre FE agus Àrd-fhoghlam.

Bho làrach Bòrd na Gàidhlig.

 

Bòrd Na Gàidhlig Launches Education Information Leaflet

A new bilingual leaflet explaining the success and benefits of Gaelic education in Scotland has been launched at the Royal National Mod in Oban.

Bord na Gàidhlig, the principal public body in Scotland responsible for promoting Gaelic development and providing advice to Scottish Ministers on Gaelic issues including education, is making the leaflet available to inform parents of the opportunities which exist at all levels of the Scottish educational system. The leaflet will also help learners of Gaelic identify ways in which they can enhance their language learning and oral skills with a view to fluency in the shortest time possible.