Shared News

Iomairt ùr Ghàidhlig ann an Loch Abair

08 October 2009

Tha oidhirp ga dèanamh ann an Loch Abair air a' Ghàidhlig a neartachadh le làrach-lìn ùir dà-chànanach, Iomairt Loch Abair. Chaidh a cur air dòigh le Comann na Gàidhlig, fo stiùir Iomairt Ghàidhlig Loch Abair.

'S e an dà amas a th' aig an Iomairt, àireamh luchd-labhairt a' chànain àrdachadh agus cothroman a chruthachadh airson a' Ghàidhlig a chleachdadh. Chaidh an Iomairt a chur air bhonn sa Ghiblean 2009. Gheibhear fiosrachadh air an làraich mu fhàs na Gàidhlig, foghlam tro mheadhan a' chànain, cothroman trèanaidh, tachartasan agus ainmean àite, am measg eile.

Tha dùil ri bun-sgoil Ghàidhlig ùir ann an Loch Abair, agus Comhairle na Gàidhealtachd air cur romhpa dà dhiubh a thogail air a' Ghàidhealtachd ro 2011. Thaghadh An Gearasdan agus Port Rìgh mar làraichean airson an dà sgoil. Tha dùil gun toir an sgoil ùr togail dhan chànan, a bha uair gu math làidir ann an Loch Abair.

Tha dùil gun tèid sreath de thachartasan a chur air adhart a' toirt a-steac trèanaidh, na h-òigridh, ionnsachadh Gàidhlig agus tachartasan sòisealta.

Bho làrach BBC Alba.

 

New Gaelic Initiative in Lochaber

An effort to strengthen Gaelic is being made in Lochaber by the launch of a new bi-lingual website, Lochaber Gaelic Initiative. The initiative has two aims, to increase the number of people using  Gaelic and to give them the opportunity to speak the language. The initiative was launched in April of this year.

Amongst what is available on the website is information on the growth of Gaelic, Gaelic medium education, training opportunities, events and place names.