Shared News

Comhairle nan Sgoiltean Àraich (CNSA) air an ainm atharrachadh

01 October 2009
Tha Comhairle nan Sgoiltean Àraich (CNSA) air an ainm atharrachadh gu Taic. Tha a' bhuidheann a' foillseachadh plana ùir airson Gàidhlig a chumail ri cloinn òig, fiù 's mus ruigear iad.
 

An àite a bhith a' cur chuideim air cròileagan mar a chleachd, tha iad a-nis ag amas air ionadan a thogail air feadh na h-Alba far am faigheadh teaghlaichean air ionnsachadh mu bhriathrachas togail-chloinne anns a' Ghàidhlig.

Tha iad ag ràdh gu bheil rannsachadh à dùthchannan eile a' sealltainn nach eil duine a dh'ionnsaich cànan às dèidh trì bliadhna de dh'aois buailteach air an cànan sin a thoirt don ath ghinealach.

Bho làrach BBC Alba.