’S e nobhailean goirid a th’ anns na leabhraichean le mu 100 duilleag anns gach fear agus nas cudromaiche na nì sam bith, ’s e leabhraichean susbainteach, tlachdmhor a th’ annta. Aon uair ’s gun toisich thu fear, cha bhi stad ort ga chrìochnachadh.
Gheibh thu an stòiridh fhèin ann an Gàidhlig gun tionndadh Beurla, ach gheibh thu geàrr-chunntas Beurla aig toiseach nan leabhraichean agus mìneachadh am Beurla aig toiseach gach caibideil. Mar sin gheibh an neach-leughaidh co-theacs a bheir tuigse dhaibh, agus bidh tuairmse mhath aca co air a tha an stòiridh a-mach.
Cuideachd, tha liosta de dh’fhaclan (Gàidhlig gu Beurla) aig deireadh gach caibideil. Mar sin faodaidh an neach-leughaidh, nuair nach eil iad a’ tuigsinn, a dhol gu deireadh a’ chaibideil gus an ciall a lorg agus an uair sin a dhol air ais far an robh iad agus iad a-nis a’ tuigsinn an fhacail/na h-abairt.
Bu chòir, ma-thà gum bi na leabhraichean seo a’ cur an Neach-ionnsachaidh Adhartach gu dùbhlan ach aig an aon àm gun a bhith ro adhartach, agus tha goireas ann gus tuigse fhaighinn air na faclan doirbh, agus gheibh fileantaich tlachd às na leabhraichean seo.
Bàrrachd air na leabhraichean air mygaelic.com.
Sandstone Press’s Gaelic language series aimed, mostly but not exclusively, at Advanced Learners has just gained two more titles, Cleasan a Bhaile Mhòir by Catriona Lexy Campbell and Cogadh Ruaridh by Iain MacLean.
The books are about 100 pages and the most important thing about them is that they are fantastic reads. The stories themselves are given in Gaelic without translation, but an English language outline is given at the start of each book and a chapter outline at the beginning of each chapter.
In addition, there is a Gaelic to English glossary at the close of each chapter. These books should, therefore, present not only the Advanced Learner with just the right degree of challenge but also the means to surmount it, and the fluent reader with an enjoyable read
More on mygaelic.com.