Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh £1.5m a bharrachd de thaic-airgid do Chomhairle na Gàidhealtachd, mu choinneimh am planaichean airson dà bhun-sgoil Ghàidhlig ùr a thogail. Tha e mar amas aig a' Chomhairle na sgoiltean sin a thogail, tè anns a' Ghearasdan agus tèile ann am Port Rìgh, ro 2011.
Thadhail Ministear a' Chultair agus na Gàidhlig, Mìcheal Russell air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis Dimàirt, gus an t-airgead fhoillseachadh. Thig an t-airgead à Stòras Calpa nan Sgoiltean Gàidhlig.
Inbhir Nis
Tha Mgr Russell ag ràdh gum feumar plana a chur an gnìomh cho luath 's a ghabhas airson 's gum bi an cànan buan. Thathar a' faicinn sgoiltean Gàidhlig fa-leth mar dhòigh air an ath ghinealach de luchd-labhairt a' chànain a bhrosnachadh.
Tha 60 aonad Gàidhlig air feadh na h-Alba.
Tha dùil gun comharraich Comhairle na Gàidhealtachd làraichean a dh'aithghearr airson an dà sgoil a tha iad airson togail. Tha Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - a' chiad sgoil làn-Ghàidhlig a chaidh a thogail air a' Ghàidhealtachd - a' soirbheachadh cho mòr agus gu bheil i an impis a bhith làn.
Tha na h-àireamhan a chaidh a-steach dhan sgoil am bliadhna an-àirde gu mòr air a' bhliadhna an-uiridh. Tha Mgr Friseal ag ràdh gum feumar coimhead ri leudachadh na sgoile ann an cabhaig.
Bho làrach BBC Alba.
Funding of £1.5m to speed up the opening of new Gaelic medium schools in the Highlands has been announced. The Scottish Government said the cash would help Highland Council accelerate plans for two schools, in Portree on Skye, and Fort William.
Work by the local authority to identify potential sites is currently under way. Culture Minister Mike Russell said investing in education was an "absolute must" to create the next generation of Gaelic speakers.
Announcing the boost from the government's Gaelic schools capital fund, Mr Russell said: "Councils across Scotland have seen a huge increase in demand for Gaelic-medium places, so today's allocations are vital in helping them meet that demand.
"We are ensuring parents and children will be able to continue to make the choice of Gaelic-medium education in the knowledge that there will be a place available."
Highland Council Gaelic committee chairman Hamish Fraser welcomed the funding boost.