Chaidh Boyd Robasdan ainmeachadh mar Stiùiriche ùr air Sabhal Mòr Ostaig an àite an t-Oll Tormod MacGilliosa a bhios a leigeil dheth a dhreuchd a dh'aithghearr.
Tha Mgr Robasdan an-dràsta ag obair mar Cheannard an Fhoghlaim Chànanaich aig Oilthigh Shrath Chluaidh. Rugadh agus thogadh Mgr Robasdan ann an Uibhist a Tuath, agus chaidh e tron fhoghlam ann an Àrd Sgoil Phort Rìgh, Oilthigh Obar Dheathain agus Colaiste Foghlaim Obar Dheathain.
Tha tuilleadh fiosrachadh ri fhaighinn air làrach-lìn a' BhBC agus air làrach-lìn an t-Sabhail.