
Tha a’ chiad Aonad Gàidhlig gu bhith a’ fosgladh ann an Gallaibh san Lùnastal. Bidh e ann am Bun-sgoil na Peighinn ann an Inbhir Theòrsa, far a bheil àite gu leòr dhan aonad ùr. Tha Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta a’ sireadh neach-teagaisg dhan aonad agus tha dòchas gun cuirear cuideigin an dreuchd an ath mhìos. Thèid sgoilearan air adhart gu Bun-sgoil na Peighinn an dèidh dhaibh a bhith san sgoil-àraich ann am Bun-sgoil Mount Pleasant, ann an Inbhir Theòrsa. Bidh an sgoil-àraich fhathast an sin.