Shared News

Àrd-sgoil a' Phluic air na Naidheachdan

28 May 2008

Sgoilearan bho Àrd-sgoil a' Phluic

Bha Àrd-sgoil a' Phluic a' gabhail pàirt ann an Aithris Naidheachd Sgoile am bliadhna.   Chan e a-mhàin sin, ach choisinn iad duais le cho math sa rinn iad.   Chaidh iad sìos gu Lunnainn air 16 an Chèitean airson an duais a thogail aig a' BhBC agus 's iad an aon sgoil a Alba a bha an làthair.  Nach math a rinn iad!

Seo iomairt a tha aig a' BhBC gach bliadhna airson cothrom a thoirt do sgoilearan na naidheachdan a chur ri chèile iad fhèin agus aithris a thoirt orra.   Chì sibh tuilleadh fiosrachaidh mun iomairt seo air làraich a' BhBC.   Tha podcast de na naidheachdan Gàidhlig a rinn Àrd-sgoil a' Phluic an seo, còmhla ri bhidio de na naidheachdan Beurla a rinn iad.

Updated on: 28 May 2008 The LTS Online Service is funded by the Scottish Government.