Tha MG Alba air co-fharpais ùr a chur air bhog airson tàlantan ùra a tharraing a-staigh do ghniomhachas nam meadhanan. Seo a' chiad phròiseact cruthachail aig a' bhuidheann bhon a dh'atharraicheadh an t-ainm bho Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig. Bidh Cànan a' stiùireadh a' phròiseict.
Thath iad a' sireadh filmaichean goirid de gach seòrsa ann an Gàidhlig airson na farpais anns a bheil trì roinn - farpais dhaibhsan a tha fo aois 18, tè dha na tha air a bhith an sàs sna meadhanan agus tè don fheadhainn nach eil air a bhith an sàs sa ghniomhachas - le duaisean luach £25,000.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bhon làrach-lìn aig FilmG.