Faclair na Gàidhlig
04 July 2008
Tha ceithir oilthighean - Glaschu, Obar Deathainn, Dùn Èideann agus Strath Chluaidh, a bharrachd air colaiste Gàidhlig na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, air tighinn còmhla a dh'obair air pròiseact 'Faclair na Gàidhlig'. 'S e pròiseact fad-ùine a tha seo a tha ag amas air faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a tha aig an aon ìre 's a tha faclairean a tha ri fhaotainn ann am Beurla, leithid an
Oxford English Dictionary. An t-seachdain sa, chaidh planaichean gnìomhachais an cur an clò airson a' phròiseict.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air an làrach-lìn aig a' BhBC.