
Chaidh ainmeachadh Dihaoine gun tèid na faclan ‘Pàrlamaid na h-Alba’ a chur air suaicheantas oifigeil Pàrlamaid na h-Alba.
Bidh 'Pàrlamaid na h-Alba' a’ nochdadh bhon latha an diugh air foillseachaidhean pàrlamaideach ùra, a’ cruth-atharrachadh suaicheantas a’ Chrùin ‘s a’ Chrann gu bhith na shuaicheantas dà-chànanach Beurla – Gàidhlig.