Tha leth mhillean facal a’ dèanamh cinnteach gur i a’ Ghàidhlig cànan airson an àm ri teachd agus nach buin i idir ris an linn a dh’fhalbh a-mhàin.Tha còrr is 525,000 facal anns an dearbhair litreachaidh Ghàidhlig a thathas a’ cur air bhog an-diugh. Tha e air a dhealbhadh a bhith na inneal feumail, làitheil agus cuideachd na mheadhan airson luchd na Gàidhlig a thoirt gu aonta stèidhichte, nàiseanta air litreachadh na Gàidhlig. Thugadh Pròiseact an Dearbhair gu buil ann an nas lugha na trì bliadhna agus bidh e na thaic mhòr don chànan.
Bidh an dearbhair ri luchdachadh a-nuas saor ’s an asgaidh bhon làraich-lìn Gàidhlig Air-loidhne a tha air a stiùireadh le Ionnsachadh agus Teagasg Alba. Tha a’ chiad dreachd a thathas a’ cur air bhog an-dràsta air a dealbhadh airson choimpiutairean a tha a’ cleachdadh pasgan-oifis 2003 bho Microsoft. Thathas ag obrachadh air dreachdan eile airson an cleachdadh le bathar bog eile, bathar bog fosgailte nam measg, agus thèid fios a sgaoileadh mu iad seo a dh’aithghearr.
Ann a bhith a’ cur fàilte air an leasachadh ùr seo thug Peter Peacock, Ministear an Fhoghlaim, iomradh air cho cudromach ’s a bha foillsicheadh den dàrna clò-bhualadh de GOC ro làimh ri cur air bhog An Dearbhair.
“Gaelic has a proud history and we want it to have a flourishing future. The launch of this spell-checker is proof, if proof were needed, that Gaelic is a living language. For the growing number of people, who are learning and using Gaelic, I'm sure this will become an invaluable tool in their daily lives.”
Chaidh an dearbhair a dhèanamh le Iomairt Cànain na h-Eòrpa (TELI), an aon bhuidheann 's a rinn Faclair na Pàrlamaid agus an t-Seirbheis Air-loidhne Eadar-obrachail a tha na chois. Tha TELI air obrachadh gu dlùth còmhla ri co-obraichean aig Oilthigh Bhaile Ath-Chliath agus Ionad Eireannach Cànanachais, a bha air dearbhair a dhealbhadh airson Gàidhlig na h-Eireann roimhe seo.
B’ e cosgais iomlan na h-obrach £105,000, a’ toirt a-steach cùisean teicnigeach agus cànain a’ phròiseict. Bha ionmhas a’ phròiseict air a roinn eadar co-bhanntachd de bhuidhnean agus b’ iad (an òrdugh na h-aibidil): Bòrd na Gàidhlig,Comunn na Gàidhlig,Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Roinn Foghlaim na h-Alba (SEED). Thug Microsoft Corporation seachad gu fialaidh an inneal-rannsachaidh, luach $23,000, a chaidh a chleachdadh leis an dearbhair Eireannach.
Thug Clive Leo McNeir, stiùiriche a’ phròiseict agus ceannard TELI, taing don Mhinistear, do na buidhnean a thug seachad taic, agus don fheadhainn a thug seachad brosnachadh air feadh na h-iomairt dùbhlanaiche seo.
“I would like to make it clear that the spell-checker is being offered as a support to the Gaelic community, not an imposition. Its first year of operation should be regarded as a consultation period. We invite everyone to participate and contribute to the project. We would like to know if there are extra words that should be added, or if any errors are spotted. No database of this size can expect to be perfect. Working together we can make a good tool even better.”
Thuirt Mata MacÌomhair, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig:
"This is a very welcome development for Gaelic and is a great achievement by TELI. Recently, a number of important initiatives have been put in place to strengthen the Gaelic language and ensure its consistency and relevance in the modern world and other bodies such as LTS, SQA and HIE should also be commended for their role in this. This spellchecker should be widely publicised and I am confident that it will be of great use to Gaelic speakers and learners at all levels and is another important step forward for Gaelic."