
‘S e bathar-bog saor an asgaidh a th’ann an OpenOffice 3.1.0 far am faighear programan coimpiutarachd mar Writer airson sgrìobhadh, Base a tha mar stòr-dàta, Draw airson dealbhan a chruthachadh, Calc airson duilleagan-chlèithe agus Impress airson taisbeanaidhean. Tha ri fhaotainn ann an diofar chànain agus ann an seo, gheibhear e ann an Gàidhlig.
Tha OpenOffice a’ stòradh na faidhlichean agaibh ann an dòigh as gun urrainn dhaibh a bhith air an cleachdadh le pasgain bathar-bog cumanta eile.
Mar a chithear gu h-ìosal tha OpenOffice ann airson diofar siostaman. Tagh am fear a tha freagarrach, lean an stiùireadh agus sabhail na faidhlichean.
OOo_3.0.1_090407_Win32Intel_install_gd.zip
OOo_3.0.1_090405_MacOSXIntel_install_gd.zip
OOo_3.0.1_LinuxX86_install_gd_deb.tar.zip
OOo_3.0.1_LinuxX86_install_gd_rpm.tar.zip
OOo_3.0.1_LinuxX86-64_install_gd_deb.tar.zip
OOo_3.0.1_LinuxX86-64_install_gd_rpm.tar.zip
Taing do Cànan a rinn an obair air OpenOffice airson a thoirt thugainn ann an Gàidhlig.
Faidhle .zip (53K) Dean dà-ghliog air am faidhle agus fosglaidh uinneag eile. Air an taobh chlì, tha 'Extract all files' - dean gliog air sin. Thig uinneag-cuideachaidh (wizard) suas, an uair sin 'Next'.
Nuair sin, bidh agad ri an stiùreadh seo a leantail - thigeabh gu 'Browse'. An uair sin gu 'My Computer' agus an uair sin, 'C:', 'Program Files', 'OpenOffice', 'Share', 'Dict', 'OOO'.
Mu dheireadh 'Next' agus 'Finish'.