Chaidh An Dearbhair a dhealbh an toiseach airson Microsoft Word 2003 air Windows. Thathar air a bhith ag obair air agus gheibh sibh An Dearbhair ùr gu h-ìosal.
An Dearbhair a' luchdachadh a-nuas:
1. Faodar an duilleag seo a chlò-bhualadh
airson taic nuair nach eil thu air-loidhne.
2. Feumaidh sibh am faidhle An Dearbhar 2009
fhosgladh.
3. Lean an stiùireadh anns na bogsaichean còmhraidh
airson am faidhle a luchdachadh a-nuas.
4. Fosgail am faidhle prògraim Scots air an diosg
chruaidh agad airson am prògram a thòiseachadh.
5. Lean an stiùireadh airson an cuir a-steach a chrìochnachadh.
Seo am faidhle
Stiùireadh airson a chleachdadh, ma tha Word 2003 agaibh:
Cleachdaibh na h-innealan dearbhaidh mar as àbhaist dhuibh. Mar eisimpleir, airson an dearbhair-litreachaidh ann an Word a chleachdadh dèanaibh na leanas:
- Fosgail sgrìobhainn Word anns a bheil teacsa Gàidhlig.
- Tagh (dèan dubh) an teacsa anns an cleachdar an Dearbhair.
- Air a’ chlàr-taice Tools, Language agus an uair sin Set Language.
- Anns an liosta Mark selected text as, tagh Gaelic (Scotland) agus OK.
- An uair sin F7 no Spelling and Grammar air a’ chlàr-taice Tools
Stiùireadh airson a chleachdadh, ma tha Word 2007 agaibh:
- An dèidh dhuibh An Dearbhair a chur air a' choimpiutair, feumaidh sibh am putan aig a' mhullach air an taobh chlì a bhrùthadh agus Word Options a thaghadh.
- Tha sibh an uair sin a' taghadh Proofing agus a brùthadh am putan Custom Dictionaries.
- Dèanaibh gliog air am putan Browse agus coimhidibh airson Computer nò My Computer, C:, Program Files, TELI, Gaelic (Scotland) Spellchecker and deanaibh gliog air am putan Open.
- Taghaibh Gaelic (Scotland) far a bheil e ag ràdh Dictionary Language agus OK agus OK a-rithist.
- Ma tha faidhle ùr fosgailte ann an Word, dèanaibh gliog air Review agus an uair sin Set Language. Taghaibh Gaelic (Scotland) an sin agus OK.
- Ma tha faidhle le teacs fosgailte, feumaidh sibh an teacs uile a thaghadh mus dèan sibh gliog air Review agus Set Language.
Airson An Dearbhair a thoirt às:
- Air a’ chlàr-taice Start, Settings, Control Panel.
- Add/Remove Programs.
- Air liosta nam prògraman a tha air a’ choimpiutair an-dràsta tagh Gaelic (Scotland) Spellchecker agus Add/Remove. Ma nochdas bogsa còmhraidh, lean an stiùireadh gus am prògram a thoirt às.
- Yes/OK airson am prògram a thoirt às.
Ma bhios trioblaidean sam bith agad le bhith a’ cur An Dearbhair air a’ choimpiutair agad, cuir fios gu sgioba Gàidhlig Air-loidhne air post-d.
AN AIRE: Bu chòir dearbhair-litreachaidh Gàidhlig eile (SMO/Roy Wentworth) a tha air coimpiutair mar-thà a thoirt dheth mus cuirear an Dearbhair ùr air an inneal, a chionn gur dòcha gun toir e air a' choimpiutair a ruith gu mall.