Ciamar a gheibh mi stràcan air na litrichean?
Tha dòigh no dhà air seo a dhèanamh. An seann dòigh - cùm greim air an iuchar Alt agus taip còd bhon liosta gu h-ìosal:
| à 133 | À 0192 |
| è 138 | É 0201 |
| ì 141 | Ì 0204 |
| ò 149 | Ò 0210 |
| ù 151 | Ù 0217 |
Dh'fhaodadh sibh an iuchar seo a chleachdadh
- air an taobh chlì de '1'. Nuair a bhuaileas sibh an iuchair sin, tha sibh an uair sin a taipeadh an litir - a no A - agus thig stràc os a cionn.
A bheil An Dearbhair ag obair le OpenOffice Gàidhlig?
Chan eil - tha An Dearbhair ag obair le Microsoft Word 2003 amhàin.
Tha faclair eile ann airson OpenOffice Gàidhlig.
Bu thoil leam dà liosta (Gàidhlig agus Beurla) a thaipeadh an taobh ri chèile?
Bidh mise a' cleachdadh Insert-Table ann a Microsoft Word airson seo. Tha mi a' taghadh dà cholbh agus aon sreath. An-sin, tha mi a' taipeadh na faclan Gàidhlig anns a' chealla air an taobh chlì agus na faclan Beurla anns a chealla air an taobh cheart. Chan eil agad ri Tabs a chleachdadh. 'S àbhaist dhomh na loidhneachan air an oir a chur dheth - nuair a nì thu gliog-dheis faisg air an oir, faodadh tu Borders and Shading a thaghadh agus, an uair sin, None.
Tha faidhlean GLPS a' toirt uamhasach fada?
Tha feadhainn de na faidhlean Flash gu math mòr. Mar a bheil am banda leathann agaibh, bheir iad fada. Faodaidh sibh na faidhlean ZIP (air an taobh cheart den duilleig) a luchdachadh-a-nuas agus dì-bhrùthadh a dhèanamh orra.
Some of the Flash files are large. If you do not have broadband, you can download the ZIP files (on the right of the page) to your disc and unzip them.
Lorg agus cuir an àite air iuchar 'Tabs' agus 'Return'?
Ma tha sibh a' cleachdadh Word, 's urrainn dhuibh iuchar mar 'Tab' agus 'Enter' a thoirt as agus rudeigin a chur na h-àite. Tha sibh a' cleachdadh ^t airson 'Tab' agus ^p airson 'Enter' far a bheil am bogsa-còmhraidh a' coimhead airson 'Search for ' - gabhaidh an rud a thogras sibh a chur mu choinneamh 'Replace with '.