Gàidhlig Air-loidhne
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Smeòrach Mi agus Làrach nam Bàrd

An leabhar 'Smeòrach Mi'

Smeòrach Mi

Tha BBC Craoladh nan Gàidheal agus Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig air dà ghoireas ùr bàrdachd do àrd-sgoiltean agus luchd-leughaidh eile a chur air bhog.

 

Tha an t-seirbheis eadar-lìon ‘Làrach nam Bàrd’ le BBC Alba a’ toirt dlùthshealladh air bàrdachd aona bhàrd deug; nam measg tha Somhairle MacGillEain, Ruaraidh MacThòmais, Anna Frater, Meg Bateman agus Dòmhnall Ruadh Chorùna.

Thathar an dòchas gum faigh sgoilearan buannachd mhòr às an stòr bhidio agus às na clàraidhean fuaim a tha rim faighinn air.

Image: Làrach nam Bàrd 300x200 (GAL) - PNG

 

 

Image: Smeòrach Mi - dealbh de na bha an làthair 300x200 (GAL) - PNG

'S e cruinneachadh ùr de bhàrdachd bhon Stòrlann a th' ann a ‘Smeòrach Mì’.   Tha bàird ùra òga a’ nochdadh san leabhar leithid Iain S. Mac a’ Phearsain à Canada agus Kevin MacNèill à Leòdhais.

Mhìnich Raghnaid Sandilands, neach-deasachaidh ‘Smeòrach Mì, gun robh an Stòrlann ag amas air beairteas ghuthan a thaisbeanadh do leughadairean òga agus gun robh i an dòchas gum faigheadh òigridh tlachd às an leabhar.

Dh’innis i don luchd-èisteachd gun robh na sgoilearan aice air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith a’ beachdachadh air na roghainnean aice, ged nach do ghabh i ris a’ mholadh aca a thaobh an tiotail — “Mo Chreach ’s mo Bhàrdachd”.