Gàidhlig Air-loidhne
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Colabhairt Briathrachas Eadar-lìn

An Seotal logo

Thàinig riochdairean bho dheich buidhnean Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Ionnsachadh agus Teagasg Alba, BBC Alba agus na h-oilthighean ri chèile air 28/2/08 ann an Druim Athaisidh a dheasbad briathrachas Gàidhlig airson an eadar-lìn agus coimpiutaireachd.

'S e tha pròiseact a th' ann ‘An Seotal’, a tha a’ toirt taic do theagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil.  Tha iad a dèanamh seo le bhith a’ tional, a’ deasachadh agus a’ foillseachadh briathrachas. 

Thuirt Criosaidh NicRath, Oifigear Leasachaidh a’ Phròiseict, 'Mar a leudaicheas teagasg tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil, ’s ann as motha a tha a dhìth a thaobh ghoireasan-teagaisg agus leasachadh proifeasanta do thidsearan.

 Image: Colabhairt An Seotal - buidhnean-obrach - PNG

Tha briathrachas aig cridhe na h-obrach seo. Tha e deatamach gur e an aon bhriathrachas a thathar a’ cleachdadh ann an sgoiltean, ann an leabhraichean agus – cnag na cùise – anns na deuchainnean nàiseanta a shuidheas sgoilearan.’

 

Dealbh de dh'aon de na h-òraidichean

Chualar òraidean bho Una NicDhòmhnaill bho BBC Alba, Dòmhnall Iain Dòmhnallach on chompanaidh neo-eisimileach Sealgar, Catrìona Mhoireach bho Stòrlann agus Leo McNeir bho The European Language Initiative (TELI). 

Chuir Anna NicSuain bho Cholaiste a’ Chaisteil an cèill na bha daoine a’ faireachdainn le bhith ag ràdh gur e an aon aithreachas a bh’ oirre ‘nach do rinn sinn seo o chionn fichead bliadhna’. 

Tha ‘An Seotal’ air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.  Faodar an làrach a rannsachadh aig www.anseotal.org.uk.