Gàidhlig Air-loidhne
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Naidheachdan

  • 05 November 2009
    Tha dà thiotal ùr san t-sreath Ghàidhlig aig Sandstone Press, a tha san fharsaingeachd ag amas air Luchd-ionnsachaidh Adhartach, Cleasan a’ Bhaile Mhòir le Catrìona Lexy Chaimbeul agus Cogadh Ruairidh le Iain MacIllEathain.

  • 29 October 2009
    Tha an obair ullachaidh mu dheireadh mu choinneamh Deasbad BT Alba 2009 a-nis a’ gabhail àite fad is farsaing air feadh na dùthcha. Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail anns an Lanntair ann an Steòrnabhagh an ath sheachdain, sin Dimàirt agus Diciadain an treas agus an ceathramh là den t-Samhain 2009.

  • 16 October 2009
    Tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) air stuth foghlam mu gnèithean inntinneach na h-Alba a chruthachadh. ‘S e sia bileagan Gàidhlig agus postairean a th’anns an t-sreath ‘Mu dheidhinn’.

  • 15 October 2009
    Tha Sgrùdairean Foghlaim na Banrigh (HMIE) air an dreach Plana Gàidhlig aca fhoillseachadh airson co-chomhairleachadh.

  • 13 October 2009
    Chaidh bileag ùr dà-chànanach a’ mìneachadh buannachdan foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig, agus cho soirbheachail sa tha e, fhoillseachadh an diugh (Dimàirt) aig a Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns an Òban.

  • 08 October 2009
    Tha oidhirp ga dèanamh ann an Loch Abair air a' Ghàidhlig a neartachadh le làrach-lìn ùir.

  • 07 October 2009
    Chan fhada bho chaidh faclair Dwelly a chur air-loidhne, agus cothrom aig daoine am faclair a sgrùdadh bho Bheurla gu Gàidhlig airson a' chiad turais riamh.

  • 01 October 2009
    Tha Comhairle nan Sgoiltean Àraich (CNSA) air an ainm atharrachadh gu Taic.

  • 04 September 2009
    Bidh barrachd cothroman ann do phàrantan an cuid chloinne a chur gu sgoiltean Gàidhlig, le goireasan nas fheàrr, tro thaic airgid a tha an Riaghaltas a’ cur gu sgoiltean Gàidhlig bho Stòras Calpa nan Sgoiltean Gàidhlig.

  • 01 September 2009
    Gheibh pàrantan ann an Inbhir Nis, aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, cothrom pàirt a ghabhail ann an sreath de bhùithtean-obrach gus na sgilean aca a thoirt air adhart.

  • 25 August 2009
    Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh £1.5m a bharrachd de thaic-airgid do Chomhairle na Gàidhealtachd, mu choinneimh am planaichean airson dà bhun-sgoil Ghàidhlig ùr a thogail.