Gàidhlig Air-loidhne

Goireasan

Seo far am faigh sibh lorg air stuthan mar Pocan Stòiridh, Postairean agus eile. Cuideachd gheibh a chlann beagan spòrs fhad 's a tha iad ag ionnsachadh. Siuthad feuch a-mach iad! 

dealbh dhen a làrach 'Atharrrachadh Aimsire'

Atharrachadh Aimsire

Tha atharrachadh aimsire fìor is feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh sa bhad.  Faigh a-mach dè as urrainn dhut a dhèanamh mu dheidhinn.

Mìosachan atharrachadh aimsire Gàidhlig
Faigh a-mach a barrachd mu dheidhinn atharrachadh aimsir ann an Alba anns a mhìosachan seo.

logo airson an làraich 'Leis an Airgead'

Leis an Airgead

Tha na ceithir stòraidhean seo a toirt barail eile dhut air airgead. Chaidh an sgrìobhadh le ceathrar de na h-ùghdaran cloinne as ainmeile ann an Alba agus tha iad a' sealltainn ciamar as urrainn dhut airgead a chleachdadh ann an dòighean spòrsail agus feumail.

Ceumannan

Ceumannan

Tha Stòrlann air cùrsa ùr do luchd-ionnsachaidh san àrd-sgoil a’ tòiseachadh le leabhar 1 is 2 do sgoilearan air a’ chiad dà bhliadhna. Suithad bheir sùil air an làrach aca.

Postairean airson sgilean sgrìobhaidh

Postairean

Tha postairean, duilleagan-obrach agus notaichean airson tidsearan rim faighinn an-seo.

Postairean gnè litreachais - dàn'-thuras

Postairean gnè litreachas

Postairean tarraingeach gus cuideachadh ann a bhith a’ togail aire do phrìomh chomharran nan diofar gnè litreachais.

Poca làn stuth airson seòmar-teagaisg

Pocain Stòiridh

Sgeulachdan, òrain, duilleagan-obrach agus tòrr tòrr stuth ...

 

 

 

Dealbh de Chatriona

Catrìona air Chuairt

Leabhar mu dheidhinn Catrìona an cat a tha measail air a bhith a' dol air chèilidh air càirdean is caraidean.

Notaichean airson Tidsearan (2.28mb pdf)

 

Cànan is Cleas

Cànan agus Cleas

Anns an leabhar seo tha eisimpleirean de dhiofar seòrsa sgrìobhaidhean a ghabhadh cleachdadh leis a’ chloinn ann an iomadach dòigh.

Notaichean airson na Tidsearan (834kb pdf)
Duilleagan-obrach (4.85mb pdf)