Gàidhlig Air-loidhne
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

CPD Alba

Logo aig CPD Alba

Tha Ionnsachadh agus Teagasg Alba agus a’ Bhuidheann CPD Nàiseanta le chèile a’ libhrigeadh na pròiseact CPD Alba.  Tha am pròiseact a’ faighinn taic bhon Roinn Oideachais aig Riaghaltas na h-Alba (SEED).

Cò dhà tha e?

Tha e do neach sam bith a tha ag obair ann am foghlam ann an Alba ach togaidh e cuideachd ùidh oileanaich a tha ag ullachadh airson teagasg, cho math ri co-òrdanaichean CPD agus na h-ùghdarrasan ionadail.

Na Ceumannan aig CPD Alba

Tha a’ chiad cheum a’ cur air bhonn làrach air-loidhne, a’ cruthachadh stòr-data de chothroman CPD le fiosrachadh agus naidheachdan mu dheidhinn CPD ann an Alba.

Bidh an dara ceum a’ cuimseachadh air goireasan Glow a chleachdadh gus CPD a thoirt chun na coimhearsnachd foghlaim ann an dòigh tharraingeach.   

Anns an ùine tha romhainn bidh goireas ann a bheir cothrom do dhaoine beachdan a chur an cèill agus feumalachdan sònraichte a chomharrachadh.

Tha fiosrachadh nas làine, cho math ri sgrìobhainnean poileasaidh air an làrach-lìn aig CPD Alba.  Tha grunnan de dh’artaigeilean feumail ann cuideachd, le dhà air Sàr-thidsearan a chaidh an sgrìobhadh le Mairead Alcorn, an co-òrdanaiche nàiseanta airson CPD.

CPDFind

‘S e earrann fa-leth dhen làrach a th’ann an CPD Find, far an gabh an stòr-data a chleachdadh gus lorg fhaighinn air cothroman co-cheangailte ri raointean leithid measadh,  rianachd ionnsachaidh no ceannas.  Faodar cuideachd priomh fhacal a thaipeadh a-staigh airson rannsachadh a dheanamh air tachartasan àraid sam bith eile.