Chaidh na postairean tarraingeach seo a dhealbhadh gus cuideachadh ann a bhith a’ togail aire do phrìomh chomharran nan diofar gnè litreachais.
Dh’fhaodadh nach eil sgoilearan daonnan air a bhith a’ leughadh no air mion-sgrùdadh a dhèanamh air caochladh ghnèthean litreachais, agus dh’fhaodadh gnìomhan Ceàird Sgrìobhadair a bhith doirbh nuair a thathas ag iarraidh orra leantainn orra ann an stoidhle gnè litreachais sònraichte.
Faodar na postairean a chleachdadh leotha fhèin no co-cheangailte ri earrannan freagarrach a tha a’ tarraing an aire gu eileamaidean mar suidheachadh, caractaran, plota agus stoidhle. Dh’fhaodadh iad cuideachd na sgoilearan a chuideachadh gus an roghainnean leughaidh a leudachadh.
Tha gach postair a’ toirt iomradh air na diofar chomharran sònraichte ann an gnè litreachais, agus tha iad uile air an comharrachadh gu feumail airson sealltainn am buin iad dhan phlota, na caractaran, suidheachadh no eile (faodaidh seo stoidhle agus tòna a ghabhail a-steach).
Faodar na postairean a’ luchdachadh a-nuas agus an clò-bhualadh airson an cleachdadh sa chlasrum agus dh’fhaodadh leabharlannan an cleachdadh mar inneal feumail.
Faodar na postairean a leanas a luchdachadh a-nuas ann am meud A4.
Cogadh - pdf 208kb |
Dàn'-thuras - pdf 171kb |
Dràma teaghlaich - pdf 198kb |
Eucoir - pdf 236kb |
Ficsean saidheansail - pdf 277kb |
Lorg-phoileas - pdf 137kb |
Oillt - pdf 108kb | |
Sgeul romansach - pdf 199kb |
Sgeulachd sìthiche - pdf 366kb |
Airson nan toraidhean is fheàrr nuair a tha sibh a’ clò-bhualadh nam postairean seo, dèanaibh cinnteach gu bheil ‘Page setup’ air a sheatadh gu ‘landscape'. Gus seo a dhèanamh, taghaibh an clàr-iùil Faidhle, an uair sin ‘Page set-up’ agus dèanaibh cinnteach às a’ phutan ‘landscape’ (an àite portrait) agus an uair sin ‘print’.
Faodar na postairean a leanas a luchdachadh a-nuas ann am meud A3.
Cogadh - pdf 294kb |
Dàn'-thuras - pdf 227kb | ||
Dràma teaghlaich - pdf 306kb |
Eucoir - pdf 370kb |
Ficsean saidheansail - pdf 175kb | |
Lorg-phoileas - pdf 191kb |
Oillt - pdf 150kb |
Sgeul romansach - pdf 298kb |
Sgeulachd sìthiche - pdf 565kb |
Buinidh dlighe-sgrìobhaidh nam postairean seo do Ionnsachadh agus Teagasg Alba agus tha iad air an toirt mar stòr foghlaim saor o dhleasadh ùghdair airson an cleachdadh ann am foghlam ann an Alba. Le bhith a’ luchdachadh a-nuas ìomhaigh tha sibh ag aontachadh a bhith air ar ceangal ri cùmhnant a’ chead seo.
Faodaidh sibh lethbhreacan a dhèanamh agus an ìomhaigh a sgaoileadh agus a thaisbeanadh agus obair a dhèanamh a tha air a tharraing bhon ìomhaigh. Feumar creideas a thoirt dha Ionnsachadh agus Teagasg Alba mar bhun airson an ìomhaigh thùsail. Chan fhaod sibh an ìomhaigh a reic no leigeil le treas pàrtaidh ìomhaigh a reic no cead fhaighinn air a shon.
Ma dh’atharraicheas sibh, a chruth-atharraicheas no a chuireas sibh ris an ìomhaigh, chan fhaod sibh an ìomhaigh builichte a sgaoileadh ach le cead coltach ris an fhear seo. Airson ath-chleachdadh no sgaoileadh feumaidh sibh cùmhnant cead na h-obrach seo a dhèanamh soilleir do chàch.
Faodar na cùmhnantan sin a chuir a dhàrna taobh ma gheibh sibh cead bho Ionnsachadh agus Teagasg Alba.