Bheir Glug anns an Taigh beagan spòrsa do sgoilearan fhad ’s a tha iad a’ neartachadh an cuid gràmair.
Ged is ann air luchd-ionnsachaidh ann an AS1/2 a thathar ag amas, tha stiùireadh ri fhaotainn an dà chuid sa Bheurla agus sa Ghàidhlig agus, mar sin, gabhaidh a chleachdadh le fileantaich cuideachd, aig ìre a shaoileas an tidsear a tha iomchaidh. Tha na putain agus am misneachadh sa Ghàidhlig a-mhàin.
Faodaidh sgoilearan an geama slàn a thaghadh air neo faodaidh iad na sia gnìomhachdan a thaghadh air leth. Gheibh iad sgòr airson gach gnìomhachd.
Ann an còig gnìomhachdan bidh sgoilearan a’ taghadh freagairt agus ga leigeil às air seantans gus crìoch a chur air. Ann an aon ghnìomhachd, bidh iad a’ cur seantans a tha troimh-chèile air dòigh le bhith a’ slaodadh nam facal anns an òrdugh cheart dhan bhogsa-fhreagairtean. Cluinnear an seantans nuair a thèid a lìonadh gu ceart.
Ma thogras iad, chì sgoilearan eadar-theangachadh den t-seantans a tha ri chrìochnachadh, ach tha dàil de bheagan dhiogan ann.
Gach uair a thèid geama a chluich thèid na seantansan a thaghadh gu tuaireamach à stòr farsaing.
Tha oileanaich à Quaoar a' dèanamh rannsachadh air planaidean eile agus gheibh an neach a nì an aithris as fheàrr soitheach-fànais spaideil ùr. Thagh Glug an Cruinne-cè oir tha caraid fad às aige an seo, Tònaidh. Dh'fhàg sinn-sinn-seanair Thònaidh Quaoar o chionn iomadh bliadhna agus ’s e taigh Thònaidh suidheachadh nan geamachan.
’S iad seo na geamachan agus na puingean-gràmair ris a bheilear a’ dèiligeadh:
Ainmear leis an alt anns na suidheachaidhean ainmneach agus roimhearach.
Gheibh sgoilearan cothrom sùil a thoirt timcheall a’ chidsin, a’ cleachdadh nan iuchraichean-saighde airson coimhead mun cuairt. Nuair a chliogas iad air rud chì iad agus cluinnidh iad dè th’ ann. Bidh cuid de na rudan, leithid ghocan agus sgàileanan, ag obrachadh. Gus na ceistean a thòiseachadh cliogaidh iad air Tòisich Ceistean. Loisgidh Glug air rudeigin anns a’ chidsin leis an leusair aige agus cuiridh sgoilearan crìoch air seantans mun rud sin le bhith a’ taghadh ainmear le alt ’s ga leigeil às air an t-seantans. Tha an seantans ag innse dath an rud no far a bheil e anns a’ chidsin, agus tha sia seantansan rin crìochnachadh.
support files
Na roimhearan sìmplidh anns / aig / air agus na roimhearan fillte os cionn / air beulaibh / ri taobh.
Mar a bha sa chidsin, gheibh sgoilearan cothrom sùil a thoirt timcheall an t-seòmair-ionnlaid agus gheibh iad briathrachas airson ghnothaichean agus airneis an t-seòmair-ionnlaid. Bidh cuid de na rudan anns an t-seòmar-ionnlaid ag obrachadh. An uair sin cliogaidh iad air Tòisich Ceistean. Laighidh soitheach-fànais Ghlug ann an sia àitean eadar-dhealaichte anns an t-seòmar-ionnlaid agus cuiridh sgoilearan crìoch air sia seantansan ag innse far a bheil e, le bhith a’ taghadh an roimheir cheart às anns / aig / air no às os cionn / air beulaibh / ri taobh. Ged nach eil roimhearan fillte ann an clàr-obrach luchd-ionnsachaidh AS1/2, thathar a’ cur a’ mheadhain gu feum airson an structair a thoirt a-steach.
Seo mar a chaidh na roimhearan a chur an sàs ann an dealbhachadh a’ gheama:
Air – tha an soitheach-fànais a’ beantainn ri uachdar an rud
Anns – tha an soitheach-fànais am broinn an rud
Aig - tha an soitheach-fànais faisg air an rud ach gun a bhith a’ beantainn ris
Os cionn - tha an soitheach-fànais os cionn an rud
Ri taobh - tha an soitheach-fànais an dàrna cuid ri taobh deas an rud no ris an taobh chlì
Air beulaibh - tha an soitheach-fànais air beulaibh an rud, gun a bhith ris an taobh dheas no an taobh chlì.
Ma bhios teagamh sam bith ann, nì a’ Bheurla soilleir dè an roimhear a tha a dhìth.
support files
An tràth teachdail, òrduighean, riochdairean roimhearach
Anns an t-seòmar-shuidhe a-nis, coinnichidh sinn ri Tònaidh. Mar phàirt den rannsachadh aig Glug thèid saor-làìthean a chur air dòigh. Lìonaidh sgoilearan beàrnan ann an leabhran mu shaor-làithean. Tha trì duilleagan ann agus ceithir seantansan rin crìochnachadh air gach duilleig, duilleag an urra airson ghnìomhairean riaghailteach agus neo-riaghailteach cumanta san tràth theachdail, airson òrduighean, agus airson riochdairean roimhearach.
support files
Buadhairean feartach agus fiosrach, agus freagairtean do na ceistean A bheil? An robh? An e?
Air dhaibh tilleadh bho na saor-làithean, thèid sia dealbhan didsiotach a thogadh leotha a shealltainn air an TBh anns an t-seòmar-shuidhe. Mu choinneimh gach deilbh feumaidh sgoilearan am buadhair ceart a thaghadh gus crìoch a chur air seantans, air neo ceist a fhreagairt, le bhith a’ taghadh à Tha / Bha / Chan eil / Cha robh / ’S e / Chan e.
support files
Òrdugh nam facal
Chì sgoilearan criomag de bhidio nan saor-làithean agus gheibh iad ceithir seantansan a tha troimh-chèile a dh’fheumas iad a chur an òrdugh. A’ tòiseachadh leis a’ chiad fhacal san t-seantans, feumaidh iad na faclan a shlaodadh anns an òrdugh cheart dhan bhogsa-fhreagairtean. Gus an gluasad mu dheireadh atharrachadh, cliogaidh iad air Dubh Às. Faodaidh iad na thogras iad de dh’fhaclan a dhubhadh às. Aon uair ’s gu bheil iad air na faclan gu lèir a chur dhan bhogsa-fhreagairtean, tha sin ga mheas mar a’ chiad oidhirp. Chì iad a’ bhidio a-rithist ma chliogas iad air a’ chamara. Feumaidh iad an seantans a chur an òrdugh gus gluasad air adhart anns a’ gheama ach gheibh iad na dh’fheumas iad de dh’oidhirpean. Tha dàil de dh’fhicead diog ann mus fhaicear a’ Bheurla.
support files
Tràth seachad aon-fhacail, gnìomhairean riaghailteach agus gnìomhairean neo-riaghailteach cumanta
Ruigidh cairt-phuist bho na saor-làithean aca ach tha cuid de na faclan air an dubhadh às. Taghaidh sgoilearan an gnìomhair ceart airson gach earrainn den teacs. Mar a thèid na seachd earrannan a chrìochnachadh, nochdaidh an teacs air a’ chairt-phuist.
support files