
Tha na geamannan seo ag amas sa chiad dol-a-mach air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig AS1/AS2 ach tha roghainn Ghàidhlig a’ ciallachadh gum faod clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig an goireas a chleachdadh cuideachd.
Bidh spòrs aig sgoilearan ’s iad a’ toirt cuideachadh do Ghlug, creutair à fànas, a tha a’ faighinn a-mach mu bheatha air a’ Chruinne-chè. Bidh iad a’ daingneachadh obair gràmair air an alt, roimhearan, buadhairean, tràthan, riochdairean roimhearach agus òrdugh nam facal ann an seantansan.