’S e seòrsa lùtha a tha ann an teas - lùth a tha a’ siubhal bho àite gu àite air sàilleabh diofar ìrean teodhachd. Nuair a chanas sinn ‘teodhachd’ tha sinn a’ ciallachadh an tomhas air cho teth ’s a tha rudeigin.
Nuair a bhios teas ann an rudeigin, bidh an lùth na bhroinn a’ leudachadh. Mar eisimpleir, bidh làbha bho bholcàno air a chruthachadh nuair a bhios na creagan fon talamh a’ fàs cho teth ’s gun leagh iad.
Bidh a’ mhòr-chuid de stuth a’ leudachadh nuair a chuireas tu teas ris. Bidh gasan agus lionntan a’ leudachadh nas luaithe na teann-stuthan.
Bidh sinn a’ tomhas teodhachd ann an ceuman Celsius (°C) no ann an ceuman Fahrenheit (°F).
