Gàidhlig Air-loidhne

Teas agus Solas

  • Suas
  • Air ais
dealbh dheth teine

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Teas agus solas

Tha solas a’ siubhal bho stòr solais. Chan e stòr solais a tha anns na sùilean againn – chan urrainn dhuinn rud sam bith fhaicinn ann an seòmar dorcha gun stòr solais. Bhiodh feum againn air toirds, no stòr solais eile. Tha solas a’ tighinn gu nàdarrach bhon ghrèin, mar eisimpleir.

Nuair a tha cnap-starra san rathad air stòr solais, chì thu faileas. Canaidh sinn gu bheil rud a chuireas cnap-starra san rathad air stòr solais 'do-lèirsinneach' a chionn ’s nach eil solas a’ dol troimhe.

Tha rud trìd-shoilleir a’ leigeil a’ mhòr-chuid de sholas troimhe. Ach, aig an aon àm, bidh faileas beag ann fhathast.

Tha fradharc againn a chionn ’s gu bheil ar sùilean a’ gabhail a-staigh solas. Tha solas a’ siubhal bho stòr solais gu sùil, agus tha sinn a’ faicinn solas air ath-thilgeadh bho uachdar air choreigin.

Nuair a tha ath-thilgeadh solais air uachdar deàlrach, tha ìomhaigh ann. Tha sgàthan a’ dèanamh seo.