Bidh sinn a’ cleachdadh iomadh connadh anns na taighean againn – airson taighean a shoillseachadh agus a bhlàthachadh, agus airson biadh a bhruich.
Dè seòrsa connaidh a tha ann? Uill, gu math tric ’s e gual, ola, agus gas a bhios sinn a’ cleachdadh. ’S e connadh-fosail a tha annta oir tha iad air an dèanamh de lusan agus de bheathaichean a bha mun cuairt o chionn cian nan cian. An ceann ùine mhòir bha iad a’ grodadh air falbh.
Chaidh feadhainn a thionndadh nan creagan (raointean guail). Chaidh feadhainn eile a thionndadh nan lochan ola fon talamh, no nan gasan ann an uaimhean fon talamh.
Bidh sinn cuideachd a’ cleachdadh dealan – uaireannan ’s e dealan-haidro a tha ann – a tha air a chruthachadh le bhith a’ cleachdadh cumhachd an uisge. Gu math tric, bidh dealan a’ tighinn bho ghual a thèid a losgadh ann an stèiseanan cumhachd.