Gàidhlig Air-loidhne

Fòrsa-suathaidh

  • Suas

Neart Fòrsa-suathaidh

Tha fòrsa-suathaidh a’ tachairt nuair a tha dà rud a’ suathadh ri chèile. Nuair a tha sgillinn a’ gluasad thairis air bòrd tha an sgillinn a’ falbh nas slaodaiche air sgàth ’s gu bheil fòrsa-suathaidh a’ tachairt. Ma tha uachdar a’ bhùird nas gairbhe agus ma tha thu a’ putadh sìos air an sgillinn nas cruaidhe bidh barrachd fòrsa-suathaidh ann agus bidh an sgillinn a’ gluasad nas slaodaiche.Tha fòrsa-suathaidh a’ cruthachadh teas cuideachd, is mar sin, ma tha thu a’ gluasad na sgillinne thairis air a’ bhòrd airson greis mhòr, fàsaidh an sgillinn teth.