Gàidhlig Air-loidhne

Fòrsa-suathaidh

  • Suas
  • Air ais
dealbh dheth cuibhlichean

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Fòrsa-suathaidh

Nuair a bhios tu a’ feuchainn ri rudeigin a ghluasad, ’s e fòrsa-suathaidh a bhios ga bhacadh agus ga shlaodadh.

Nuair a bhios tu a’ dol sìos sleamhnag anns a’ phàirc, bidh fòrsa-suathaidh gad shlaodadh (’s e sin teann-stuth an aghaidh teann-stuth).

Ma bhios tu a’ snàmh, bidh fòrsa-suathaidh gad shlaodadh an aghaidh an uisge (teann-stuth an aghaidh lionna).

Nuair a chì thu neach-paraisiùt a’ tuiteam, bidh fòrsa-suathaidh na h-èadhair ga shlaodadh (teann-stuth an aghaidh gas). Cha bhi e a’ tuiteam ro luath, agus mar sin cha tèid a ghoirteachadh.

’S e rud gu math feumail a tha ann an fòrsa-suathaidh, oir bidh e a’ cur stad air ar brògan, nuair a bhios iad a’ sleamhnachadh air an rathad nuair a bhios sinn a’ coiseachd. Tha fòrsa-suathaidh cudromach, cuideachd, airson taidhrichean càir no carbaid a chumail air an rathad.

Uaireannan, thèid againn air stuth mar ola, uisge, ìm, siabann, no pùdar a chleachdadh airson fòrsa-suathaidh a lùghdachadh.