Tha cumhachd gaoithe, solas grèine agus cumhachd uisge uile nan stòrasan ‘glana’ – chan eil droch bhuaidh aca air an àrainneachd. Tha sinn a’ smaoineachadh gur e stòrasan maireannach a tha annta – tha sin a’ ciallachadh nach teirig iad.
Tha an dà chuid teas agus solas a’ tighinn bho lùth na grèine. Tha seann thogalaichean agus togalaichean ùra uile a’ cleachdadh na grèine nan dealbhadh airson teas agus solas. Tha dealbhadh anns an latha an-diugh a’ cur barrachd cudthruim air cumhachd na grèine.
Canar dealan-haidro ri dealan a tha air a chruthachadh le bhith a’ cleachdadh cumhachd an uisge.
Fad iomadh linn, bha muilnean-gaoithe a’ cleachdadh na gaoithe airson nan innealan a bha annta a chumail a’ dol.
An-diugh, tha feadhainn ann a tha gu math neartmhor a chleachdas sinn airson dealan a dhèanamh. Tha na sgiathan air an fheadhainn as motha coltach ri propaileirean a chì thu air itealain is iad cho leathann ri 60m.