Gàidhlig Air-loidhne

Iom-tharraing

  • Suas

Tìdean-mara

Tha tìdean-mara a’ tachairt air an Talamh air sàilleabh forsa iom-tharraing na gealaich. Bidh an Talamh a’ dèanamh bolg an dà chuid a dh’ionnsaigh na gealaich agus air falbh bhon ghealaich. Mar a bhios an Talamh a’ tionndadh gu làitheil, bidh na builg a’ gluasad thairis air an Talamh. A chionn ’s gu bheil uisge nas siltiche na Talamh, bidh na cuantan a’ dèanamh bolg a bhios beagan nas motha agus, mar thoradh air sin, bidh muir-làn ann.

Bidh forsa iom-tharraing na gealaich a’ tarraing air an uisge anns na cuantan gus am bi builg anns na cuantan air gach taobh dhen phlanaid. Bidh a’ ghealach a’ tarraing uisge thuice, agus mar sin bidh bolg ann air an taobh as fhaisge air a’ ghealaich. Bidh an aon rud a’ tachairt air taobh eile na Talmhainn.

Ma bhios tu air an oirthir agus a’ ghealach dìreach os do chionn, chì thu gu bheil muir-làn ann. Ma bhios do charaid air taobh eile na Talmhainn, bidh muir-làn air an taobh sin cuideachd.

Rè an latha, bidh an Talamh a’ tionndadh 180 puing ann an 12 uair a thìde. Aig an aon àm, bidh a’ ghealach a’ tionndadh 6 puingean mu thimcheall na Talmhainn ann an 12 uair a thìde. Bidh an dà bholg, agus cuairt-ghluasaid na gealaich, a’ ciallachadh gum bi muir-làn aig gach baile air an oirthir dà thuras anns an latha (no gach 12 uair a thìde agus 25 mionaidean).