Gàidhlig Air-loidhne

Iom-tharraing

  • Suas
  • Air ais
dealbh dheth na speuran

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Iom-tharraing

A bheil fhios agad dè cho trom ’s a tha thu? ’S e forsa a tha ann an cuideam – 's e forsa eile a th' ann an iom-tharraing – agus ’s e iom-tharraing a tha gad tharraing ris an Talamh.

Tha forsa iom-tharraing anns gach nì. ’S e iom-tharraing na talmhainn an rud a tha a’ ciallachadh gum bi gach rud a’ tuiteam chun na Talmhainn, ge b’ e dè cho beag ’s a tha e.

Nuair a bhios a’ Ghealach a’ dol timcheall na Talmhainn, bidh an iom-tharraing a’ tarraing na planaide. Bidh seo a’ toirt buaidh air na cuantan air an Talamh – bidh iad ag èirigh agus a’ tuiteam a rèir na tìde-mhara.