Gàidhlig Air-loidhne
Gaelic
Bratach foillseachaidh airson Curraicealam airson Sàr-mhathais

Lùth

Ionnsaich mu lùth, faileasan, fòrsa-suathaidh, iom-tharraing is iomadh rud eile.

 

Connadh sna taighean againn

Dè tha ann an connadh, agus carson a tha sinn ga chleachdadh anns na taighean againn? Gheibh thu a-mach an seo.

 

Lùth bho bhiadh

Tha sinn a’ faighinn lùth bho bhiadh.  A bheil thusa ag ithe rudan a tha ceart is fallain agus a chumas a’ dol thu?

 

Lùth leantainneach

Tha sinn a’ losgadh gual is ola ach tha sinn a’ cleachdadh cus.  Feumaidh sinn stòrasan a mhaireas a lorg.

 

Lùth ceimigeach

Ionnsaichidh tu gu leòr an seo mu thachartasan ceimigeach agus mar a thèid lùth a leigeil ma sgaoil.

 

Spriongan agus Magnaitean

Tha sinn a’ cleachdadh mhagnaitean is spriongan fad na tìde.  Ciamar is carson?  Gheibh thu a-mach an seo.

 

Teas agus Solas

Tha sinn cho cleachdte ri teas is solas anns na taighean againn – tha sinn gam faighinn bho thachartasan sìmplidh.  Gheibh thu a-mach tuilleadh an seo.

 

Iom-tharraing

A bheil fios agad gu bheil am muir làn is am muir tràigh an crochadh air a’ ghealaich?  Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh an seo.

 

Fòrsa-suathaidh

Dè thachras nuair a tha dà rud a’ suathadh ri chèile?  A bheil iad a’ gluasad gu furasta no nach eil?

 

Bacadh

Dh’ionnsaich luchd-dealbhaidh tòrr mu bhacadh thar nam bliadhnaichean.  Is urrainn dhutsa barrachd fhaighinn a-mach an seo.