Gàidhlig Air-loidhne

Lùth ceimigeach

  • Suas

Lùth ceimigeach

A rèir lagh a tha ann a thaobh atharrachadh lùtha, cha ghabh lùth a chruthachadh no a chur a-mach à bith. Nuair a thachras rudeigin, tha aon sheòrsa lùtha ag atharrachadh gu seòrsa eile. ’S e seo a tha a’ tachairt nuair a chleachdas lusan lùth na grèine airson biadh a dhèanamh, agus nuair a dh’itheas beathaichean na lusan sin an dèidh sin.

Bidh lusan a’ cleachdadh lùth bho sholas na grèine airson biadh a dhèanamh - tha seo air a stòradh mar lùth-ceimigeach. Bidh an drannd-eun ag ithe lusan - thèid lùth-ceimigeach a dhèanamh na lùth-gluasaid agus thèid beagan teas a chur a-mach cuideachd nuair a ghluaiseas an t-eun.


Sreathan-lùtha

Tha sreathan-lùtha a’ sealltainn mar a thèid lùth atharrachadh bho aon seòrsa gu seòrsa eile. Mar as trice, ’s iad teas agus solas a tha anns na lùthan a tha a’ tighinn aig deireadh sreath-lùtha.

An uair a tha coire a’ goil, bidh lùth-dealain ag atharrachadh gu lùth-teas
lùth-dealain > lùth-teas

An uair a thuiteas stuth bho àird, bidh lùth-taisgte ag atharrachadh gu lùth-gluasaid fhad ’s a tha e a’ tuiteam, agus an uair sin tha e ag atharrachadh gu fuaim agus teas nuair a bhuaileas e air an làr.
lùth-taisgte > lùth-gluasaid + teas agus fuaim

Bidh lùth ag atharrachadh ann an iom-obrachadh ceimigeach, mar eisimpleir, nuair a tha gual a’ losgadh.
lùth ceimigeach > teas + solas


dealbh dheth tòrr de cruinn-dhealain

Stèisean-Cumhachd

Tha gual air a dhèanamh de lusan a bha a’ fàs o chionn fhada ’s a tha a-nis nam fosailean. ’S iad stòran ceimigeach de lùth a thàinig bhon ghrèin o thùs.

Nuair a thèid gual a losgadh, tha an lùth-ceimigeach a’ dol na theas. Thèid an teas seo a chleachdadh airson uisge a bhlàthachadh, agus airson ceò a dhèanamh. Tha an ceò a’ tionndadh rothan-uidheim. Tha seo a’ cruthachadh lùth-gluasaid. Tha gineadair a’ cruthachadh dealan bhon lùth-ghluasaid. Tha innealan mar lampaichean, teintean-dealain, is rèidiothan a’ dèanamh solas, teas, agus fuaim à lùth an dealain.