Tha biadh a’ toirt connadh dhan bhodhaig agad. Feumaidh sinn uile biadh de gach seòrsa ithe.
Bidh pròtain a’ dèanamh stuth-cealla ùr. Tha e cudromach gum bi clann òg ag ithe pròtain airson ’s gum fàs iad. Tha stòran math phròtain ann am feòil, cearc, iasg, càise, cnòthan agus pònairean.
Tha gualaisg na dheagh stòras lùtha - gheibhear e ann an siùcaran agus stalcan.
Gheibh thu barrachd lùtha bho shaill na bho bhiadh sam bith eile. Cuideachd, tha sinn ga cleachdadh an uair a tha sinn a’ còcaireachd.
Tha mèinnearaich gu leòr ann an riaghailt bìdh chothromaich, ach bho àm gu àm bidh feum againn air feadhainn a bharrachd. Tha iarann agus calcium gu math cudromach, agus a bharrachd air sin gheibh thu sodium, potasaidheam agus aidhiodain gu nàdarrach ann am biadh agus uisge.
Gheibh thu Beotham A ann an èisg ùilleach mar sgadan agus rionnach, grùthan, ìm, agus lusan no glasraich dhearg no orains mar churrain.
Bidh Beotham B gad chuideachadh gus ceallan-fala ùra a dhèanamh. Gheibh thu Beotham B ann an aran.
Gheibh thu Beotham C ann an lusan no glasraich agus measan ùra mar orainsearan agus ùbhlan.
Bidh Beotham D a’ cumail chnàmhan fallain is làidir, agus gheibh thu seo bho iasg agus bhon ghrèin.