Gàidhlig Air-loidhne

Lùth bho bhiadh

  • Suas
  • Air ais
dealbh dheth dhiofar measan is glasraich

You don't have the latest version of Adobe Flash Player.

Why not download and install the latest version now?

Download the latest flash player

Lùth bho bhiadh

Airson do chumail fhèin fallain, spionnadh fhaighinn, agus airson fàs, bu chòir dhut measgachadh de bhiadh ithe. Tha diofar sheòrsaichean beathachaidh ann an riaghailt bìdh fhallain – is iad gualaisgean, pròtainean, agus saill.

Gheibh thu gualaisg math bho stalc mar aran, buntàta, pasta, gràn, agus rus. Ach air an làimh eile, tha seòrsa gualaisg eile ann, siùcar, mar eisimpleir teòclaid, suiteis, briosgaidean, agus cèicean. Chan eil e math dhut a bhith ag ithe cus siùcair, ge-tà.

Gheibh thu saill bho bhiadh mar ìm, bainne, càise, agus ola. Ged a tha e iomchaidh dhut saill ithe, cha bu chòir dhut cus a ghabhail.

Gheibh thu saill-shùighte bho bhiadh a thig à beathaichean, mar ìm agus feòil air a bheil filleadh saille. Tha saill neo-shùighte, a tha a’ tighinn bho chnòthan agus ola lusach, nas fheàrr dhut.

Bidh thu a’ faighinn pròtain bho bhiadh mar fheòil, iasg, càise, uighean, agus bho lusan, mar eisimpleir peasraichean, pònair soya, agus cnòthan-talmhainn.

Bu chòir dhut measan agus glasraich ithe, cuideachd, air sgàth ’s gu bheil iad làn bheothaman, mhèinnearaich, agus fhreumhag.

Tha e cudromach gach seòrsa bìdh ithe, ach ma bhios tu ag ithe barrachd na tha a dhìth ort, fàsaidh tu mì-fhallain.