Ionnsaich mun t-saoghal anns a bheil sinn beò le na h-obraichean-ionnsachaidh eadar-obrachail seo. Anns gach goireas tha ceisteachain, dealbhan, faidhlichean-fuaime, faidhlichean-fiosrachaidh, bùithtean-obrach agus duilleagan-obrach. Faodaidh sgoilearan am feuchainn nan aonar no ann am buidhnean.

Lùth
Ionnsaich mu lùth, faileasan, fòrsa-suathaidh, iom-tharraing is iomadh rud eile.

Mapaichean
Dè tha ann am mapaichean, ciamar a chleachdas sinn iad agus dè tha iad ag innse dhuinn mun t-saoghal?

Aimsir
Tha na goireasan seo a’ toirt sùil air mar a tha an aimsir a’ bualadh air aodach, taighean agus faireachdainnean.

Dòighean-beatha
Bidh thu ag ionnsachadh mu dhòighean-beatha eadar-dhealaichte agus na bhios diofar dhaoine a’ dèanamh air feadh an t-saoghail.